Cliabh aig ban-iasgair
Taigh-tasgaidh Inbhir Narann

Bhiodh clann-nighean an èisg a’ cleachdadh clèibh èisg bheaga, mar an tè seo, le cluas ròpa fhillte, gus iasg a ghiùlan airson reic an dara cuid bho dhoras gu doras neo aig a’ mhargaidh.   

Bhiodh clann-nighean an èisg ann an Inbhir Narann gu tric a’ coiseachd fad na slighe gu Inbhir Nis agus air ais (turas còrr air trithead mìle), uaireannan nas fhaide air falbh airson an cuid èisg a reic. Gu math tric bhiodh na clèibh aca gu math trom. Bhiodh cuid de na h-iasgairean innleachdach a’ togail suas an sgiortaichean gus taic a chumail ri cuideam a’ chèibh.  

Bha pàirt chudromach aig boireannaich sa ghnìomhachas, ag obair uairean fada, gu tric ann an suidheachaidhean cruaidh. 

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1800s
Stuthan: Basgaid cleith, ròp
Meudachd: 40cm x 25cm

Associated Activities



A’ Cnuasachadh

Memorialising… The Highland Fishwives

 

 

Skip to content