Harmonium
Ionad Eòlas Thairbeart

Is e organ beag a th’ ann an harmonium, coltach ri piàna, agus tha e air a stiùireadh le builg-sèididh air an obrachadh le casan a’ chluicheadair.   

Anns an t-siathamh linn deug, sgaoil Pròstanachd an àite Caitligeachd mar thoradh air an Ath-leasachadh. Thug seo buaidh mhòr air ceòl eaglaiseil. Chaidh còisirean a sgaoileadh, chaidh leabhraichean ciùil agus làmh-sgrìobhainnean a sgrios, agus chaidh organan a thoirt a-mach à eaglaisean.  

Chaidh an harmonium seo a thoirt a-steach dhan eaglais aig Ionad Eòlas Tairbeirt ann an 1806, nuair a cheadaich Eaglais na h-Alba ceòl a bhith air a chluich ann an seirbheisean a-rithist.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1800s
Stuthan: Fiodh, ìbhri
Meudachd: 110cm x 64cm x 20cm

Associated Activity

Skip to content