Cuip chuileagan gaoisid eich
Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair

Bhiodh a’ chuip gaoisid eich seo air a cleachdadh gus cuileagan a mharbhadh.

Tha an teirm gaoisid-eich a’ gabhail a-steach muing a’ bheathaich, a bharrachd air na h-earbaill a bhois a’ fàs glè fhada. Chaidh gaoisid eich a chleachdadh tro eachdraidh airson grunn diofar adhbharan, cuid dhiubh gu math annasach a’ gabhail a-steach boghaichean fìdhle, airson gus a dhèanamh, agus ann an iasgach. Tràth anns na 1900an, bha e fiù ’s air a chleachdadh gus greimean a chur ann an euslaintich rè obair-lannsa.

Tha gaoisid eich na ghioreas luachmhor nàdarra agus ioma-chruthach oir a bharrachd air a bhith mìn agus sùbailte, tha i cuideachd làidir.

Bhiodh a’ chuip seo glè fheumail ann an dachaigh Ghàidhealach, gu sònraichte ann an seusan nam meanbh-chuileag!

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1800s-1900s
Stuthan: Gaoisid-eich, fiodh
Meudachd: 53cm

Associated Activity

Skip to content