Cuibhreann Iarainn
Taigh-tasgaidh nan Gàidheal

Canar cuibhreannan iarainn ri tionaichean mar seo. Chaidh am fear seo a thoirt do na Lovat Scouts nuair a ràinig iad Cape Town sa Mhàrt, 1900. Chaidh an rèisimeid a thogail gus sabaid ann an Cogadh nam Boer ann an Afraga a Deas, 1899 - 1901. 

B’ e rèisimeid shònraichte a bha anns na Lovat Scouts. Chaidh a chruthachadh de dh’fhir Ghàidhealach le sgilean a-muigh leithid cìobaireachd agus stalcaireachd oir bha na sgilean ceart aca airson sabaid an aghaidh tuathanaich Boer ann an Afraga a Deas, sgilean nach robh aig rèisimeidean Breatannach àbhaisteach.  

Tha an cuibhreann ann an riochd tiona le dà cheann le 'cocoa' aig aon cheann agus 'dìnnear' aig a’ cheann eile. Bhiodh an 'dìnnear' air a bhith na phèist coltach ri Bovril airson a chur ann an uisge. Ann an sgìrean iomallach ann an Afraga a Deas, bha loidhnichean solair fada agus neo-earbsach. Bhiodh cuibhreannan mar seo air am fosgladh mar an roghainn mu dheireadh, nam biodh iad a’ ruith a-mach à solar airson nan saighdearan acrach.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1901
Stuthan: Tiona
Meudachd: 15cm x 6cm

Associated Activity

Skip to content