Taigh-croite Biggin Jill
Taigh-tasgaidh Leanabachd na Gàidhealtachd

Chaidh an taigh doile seo, a rinneadh ann an stoidhle taigh-croite traidiseanta Gàidhealach, neo 'biggin' mar a chanadh iad uaireannan, a dhèanamh aig àm an Dàrna Cogaidh le May Armstrong dhan nighean aice Gillian, ris an canadh iad Jill. 

Tha e a’ sealltainn ath-chleachdadh tionnsgalach is cruthachail de stuthan a bha rim faighinn, sa mhòr-chuid air a thogail bho chreat fiodha orains, le tughadh connlaich agus ballachan a-muigh plastaichte. Tha na cùirtearan air an dèanamh le sgrìoban aodaich, drathairean a’ chidsin bho bhogsaichean maidsichean, agus tha na cliathan-teine air an dèanamh bho thionaichean sardine leaghte is mòlltaichte.   

Bha an duine aig May agus athair Gillian na Chaiptean ann am Fiùsailearan Rìoghail na h-Alba. Bha e na shaighdear ann am Madagascar, Mianmar (air an robh Burma aig an àm) agus àiteachan eile nach deach fhoillseachadh aig àm a’ chogaidh. Thog May Gillian agus a bràthair Robin air ais aig dachaigh an teaghlaich ann an Inbhir Àir.  

Dh’adhbharaich an Dàrna Cogadh gainnead dhèideagan oir bha feum air factaraidhean, stuthan agus saothair airson iomairt a’ chogaidh. Dh'fheumadh mòran dhèideagan a bhith air an dèanamh le stuthan a bha ri làimh!    

Bha an teaghlach fìor dhèidheil air taigh-croite Jill agus chaidh coimhead às a dhèidh gu math fad iomadh bliadhna, fiù ’s ged a rinn e imrich gu Kent, Lunnainn, agus an uair sin Siorrachd Iorc far an deach e a thoirt do Lucy Watkins, nighean Jill, a thug dhan taigh-tasgaidh e.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1940
Stuthan: Fiodh, connlach, pàipear agus stuthan ath-chuartaichte
Meudachd: 100cm x 50cm x 40cm

Associated Activity


Skip to content