Crogan dhealachan
Taigh-tasgaidh Dualchas Ghleann Comhann

Bha dealachan air an stòradh sa chrogan seo ann am bùth-chungaidhean mus deach an reic ri lighichean. Chaidh na cnuimhean dìosganach seo a chleachdadh airson a bhith a’ tarraing fala, a bha uair na leigheas cumanta a bhathar a’ creidsinn a bha a’ leigheas raon de thinneasan.   

Bha tarraing fala air adhbharan meadaigeach stèidhichte air teòiridh lionntan Galen, gun robh slàinte a rèir cothromachadh de na ceithir lionntan: fuil, ronn, domblas dubh agus domblas buaidhe. Nan robhar den bheachd gun robh cus fala ann, bhiodh dotairean ag òrdachadh dhealachan gus na lionntan a chothromachadh a-rithist.  

Is dòcha gun cuir e iongnadh oirbh gu bheil pàirt aig dealachan ann an cleachdadh meidigeach an latha an-diugh, ged nach eil seo buileach san aon dòigh. Bidh iad a-nis air an cleachdadh gu tric airson graftaichean craiceann agus obair lannsa ath-chruthachaidh, anns a bheil cunnart ann gum bàsaich maothran mar thoradh air dìth fala gu leòr. Le bhith a’ cur dhealachan anns an àite seo, brosnaichidh seo sruthadh fala don mhaothran, agus cumaidh e an graft craicinn beò.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1800s
Stuthan: Obair-chrèadha
Meudachd: 30cm x 18cm x 25cm

Associated Activities


Skip to content