Doile Lenci, Gluasad Ògridh Hitler
Taigh-tasgaidh Leanabachd na Gàidhealtachd

’S ann às a’ Ghearmailt a tha an doll bàn seo bho thùs agus tha e stèidhichte air air ball òg de Ghluasad Òigridh Hitler. Seo buidheann a chaidh a stèidheachadh le Adolf Hitler ann an 1933 gus deugairean Gearmailteach a thrèanadh agus oideachadh ann am prionnsapalan ideòlas nan Nàsach.

Bha propaganda Gearmailteach ann an cruth leabhraichean, geamannan agus doileagan mar an tè seo, cudromach ann a bhith a’ tarraing clann dhan phàrtaidh Nàsach.

Chaidh an doile seo a thoirt dhan neach-seilbh thùsail aice, nighean òg Ghearmailteach, le a nanaidh ann an 1935. Chaidh e sìos tro na ginealaichean, ach cha deach a chluich leatha a-riamh agus chaidh a cumail ann am preasa air sgàth a h-eachdraidh.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1930
Stuthan: Fealt
Meudachd: 30cm x 12cm x 12cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content