Crochag èisg a chaidh a spùinneadh à Lucknow
Taigh-tasgaidh nan Gàidheal

Rabhadh susbaint. Dh’fhaodte gun cuir an nì seo dragh air cuid de luchd-tadhail.  

Tha stuthan ann an iomadh taigh-tasgaidh a chaidh a chruinneachadh ann an suidheachaidhean nach biodh iomchaidh a rèir nòsan an latha an-diugh. Chaidh a’ chrochag èisg airgid seo a thoirt à teanta Wajid Ali Shah a bha na Nawab (riaghladair) aig Awadh anns na h-Innseachan. Chaidh a spùinneadh le saighdearan bhon 79mh Rèisimeid às dèidh tuiteam Lucknow aig àm Ciad Chogadh Saorsa nan Innseachan sa Mhàrt, 1858.   

B’ e blàr air leth brùideil a bha seo agus rinneadh uabhasan borb air gach taobh. Tha e aithnichte an-diugh mar aon de na mòr-mhurtan as ainmeil ann an eachdraidh. Chaill na Breatannaich dà mhìle gu leth saighdear; Chaill feachdan Innseanach (air an robh 'reubaltaich' aig an àm airson a bhith a' cur an aghaidh riaghladh Bhreatainn) còrr is 30,000.    

Tha spùinneadh a-nis air a thoirmeasg tro lagh eadar-nàiseanta. Cha robh e riamh ceadaichte gu foirmeil le Arm Bhreatainn, ach bha e na chleachdadh cumanta fad linntean mar dhòigh aig luchd-buannachaidh gus cur ris an fhortan aca agus gus a’ buaidh a chomharrachadh. Tha mòran thaighean-tasgaidh ag obair gu cruaidh gus nithean a chaidh a spùinneadh a thoirt air ais do na coimhearsnachdan tùsail aca, ged a bheir am pròiseas seo bliadhnaichean mòra.  

 

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1858
Stuthan: Airgead, fiodh, glainne
Meudachd: 20cm x 15cm

Associated Activities

A’ Cnuasachadh

Memorialising… Remembering Looted Communities

 

 

Skip to content