Marabal ann am botal Codd
Ionad Dualchais Bhùra

Seo botal a chaidh a dhèanamh a rèir patant 1872 aig an innleadair agus neach-tionnsgail Sasannach, Hiram Codd. 

Cha robh feum air arcan airson deochannan carbonaichte tuilleadh mar thoradh air a’ bhotal thionnsgalach a chruthaich e. Ged a tha cap crùn stàilinn air a dhol an àite botail Codd gu ìre mhòr a-nis, thathar fhathast gan dèanamh airson cleachdadh anns na h-Innseachan agus Iapan. Air a chumadh ann an dà leth, chaidh marabal glainne a chur anns an t-seotal gu àrd agus cha b’ urrainn dha tuiteam a-steach dhan chòrr den bhotal mar thoradh air amhach nas cumhainge. Bhiodh am botal air a lìonadh bun os cionn leis an deoch carbonaichte agus stobadh cuideam an lionn ghasaich am marabal an aghaidh seula rubair aig beul a’ bhotail. Chaidh am botal a sheulachadh le cuideam an lionna charbonaichte na bhroinn. Gus an deoch òl, bhiodh am marabal air a phutadh sìos le meur, a’ lùghdachadh a’ chuideim gus an gabhadh an lionn a dhòrtadh. 

Ach dè a chuireadh stad air a’ mharabal bho bhith a’ dùnadh beul a’ bhotail agus a’ seuladh a’ bhotail fhad ’s a bha e a’ dòrtadh? ’S e duine fìor ghlic a bh’ ann am Mgr Codd: bha e air cùil a chur san dealbhadh air aon taobh den amhaich anns am biodh am marabal a roiligeadh agus a’ loidseadh gus am b’ urrainn dhan lionn dòrtadh gu saor. Abair neach sàr-chomasach!  

Thèid botail Codd a lorg gu tric ann am òtrachaichean anmoch Bhictorianach agus Eideirdeach, ach tha iad cha mhòr uile briste aig amhach a’ bhotail. Is e gum biodh clann a’ briseadh amhaich a’ bhotail gus am marabal luachmhor na bhroinn fhaighinn an t-adhbhar airson seo. Bhiodh iad an uair sin a’ cur seachad ùine mhòr a’ cluich mharballan còmhla ri an caraidean. 

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1900-1920
Stuthan: Glainne
Meudachd: 23cm x 6cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content