Peilearan luaidh
Ionad Dualchais Bhùra

Chaidh na peilearan luaidhe seo a chruinneachadh bho na targaidean raidhfil, nach eil air an cleachdadh tuilleadh, a-nis air Back Beach air taobh a deas Bhùra. Bheir iad sealladh dhuinn air an raon raidhfil a chaidh a stèidheachadh an seo anns na 1860an gus am b’ urrainn do shaor-thoilich ionadail trèanadh gu ceart agus fàs nas fheàrr air urchaireachd!

An-diugh, is urrainnear an t-inneal targaid agus an tòrr mòr gainmhich a chaidh a chleachdadh gus stad a chur air peilearan. Chithear taicean nan targaidean cuideachd aig diofar astaran deas air na targaidean.

Ach carson a bha e a dhìth? Mar fhreagairt air a’ chunnart ro na Frangaich, dh’òrdaich Riaghaltas na RA stèidheachadh Bhuidheann Saor-thoileach san t-siorrachd gus trèanadh agus uidheamachadh a thoirt seachad airson dìon dachaigh an aghaidh ionnsaigh sam bith. Chaidh an treas companaidh de 1d Shaor-thoilich Raidhfil Chataibh a stèidheachadh ann am Brùra, a’ tighinn às dèidh Goillspidh is Dòrnach ann an 1859, agus air a leantainn le Raoghard ann an 1861. Bha a raon raidhfil fhèin aig gach baile.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1840-1860
Stuthan: Meatailt
Meudachd: 2.5cm x 1cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content