Ionnsramaid ribheid meadhan-aoiseil
Taigh-cùirte Chrombaigh

Tha an t-inneal ciùil seo aithnichte airson a fhuaim neo-àbhaisteach, a chluinnear sa mhòr-chuid an-diugh air telebhisean chloinne. Tha e ga dhèanamh le bhith a’ crathadh ribheid eadar na bilean. ’S ann bhon chòigeamh linn deug a tha an eisimpleir meadhan-aoiseil seo agus mar sin, chan eil e na iongnadh gu bheil an ribheid shùbailte a-nis air chall.

Chaidh grunn ionnstramaidean mar seo a lorg anns na h-achaidhean far an deach fèill Chrombaigh a chumail anns na Meadhan-Aoisean, a’ toirt dhuinn faireachdainn mìorbhaileach air cò ris a bha beatha coltach.

’S e ‘jews harp’ a bh’ air an tromb sa Bheurla fad linntean. Tha an t-ainm seo uaireannan air fhaicinn neo-iomchaidh, ged is dòcha nach e seo an rùn tùsail. Bho dheireadh an ochdamh linn deug, b’ e Jaw’s Harp an t-ainm cumanta eile a bh’ oirre. Ann am Breatainn, bhiodh an t-ainm Beurla geegaw air cuideachd.

Tha rannsachadh bho chionn ghoirid air sealltainn gun deach an dèanamh anns na Tìrean Ìosal (a’ Bheilg agus an Òlaind san latha an-diugh) oir chaidh clàran a lorg a tha a’ sealltainn gun deach an toirt a-steach steach gu Docaichean Lìte air Linne Foirthe ann am baraillean.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1400-1500
Stuthan: Meatailt
Meudachd: 5cm x 2cm 

Associated Activity

Skip to content