Harpùn Meadhan-linn na Cloiche
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar

Tha an nì seo air a dhèanamh à cnàimh agus tha e còrr is còig mìle bliadhna a dh’aois. Chaidh a lorg le nighean-sgoile air an tràigh faisg air Àrasaig agus tha e coltach gum biodh e air a chleachdadh le sealgairean-iasgairean-trusadairean a' coiseachd air tràigh Àrasaig.   

Tha e air dealbhadh gu math airson a bhith a’ sealg mamalan mara. Tha gath oirre air gach taobh agus toll ann an cumadh ugh-chruthach faisg air ceann an harpùin, le sloc dìreach a’ sìneadh gu deireadh an harpùin. Seo far am bi iall a’ dol. Dhèanadh na gathan cinnteach gum biodh an harpùn glaicte anns a' bheathach agus mar sin, dh’fhaodadh an sealgair a’ chreach a shlaodadh agus a chasg bho bhith a’ snàmh air falbh.   

’S e àite gu math eadar-dhealaichte a bh’ ann an Alba ann am Meadhan-linn na Cloiche Bha daoine ann am Meadhan-linn na Cloiche a' fuireach ann an campaichean, a’ gluasad timcheall gu ràitheil nuair a dh'fhàsadh diofar seòrsaichean bìdh pailt, agus bha iad a' tighinn beò air na bha nàdar a' solarachadh a-mhàin.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 3,000 BCE
Stuthan: Fiodh, ìbhri
Meudachd: 12cm

Associated Activity

Skip to content