Pannal a chaidh a thoirt air falbh bho uaigh a’ Mhahdi leis an 79mh Rèiseamaid
Taigh-tasgaidh nan Gàidheal

Chaidh am pannal seo a thogail le saighdear ann an Camshronaich na Banrigh aig àm Blàr Omdurman ann an 1898, pàirt de dh’Iomairt Shudan.    

Chaidh am pannal a thoirt air falbh bho uaigh a’ Mhahdi (ceannard cràbhach ann an Sudan) às dèidh do na Breatannaich a’ chùis a dhèanamh air an arm aige. Ged a bha e toirmisgte leis an arm, bha sgrios lùchairtean agus àiteachan adhraidh cumanta aig àm cogaidh. Chaidh am pannal a thoirt air falbh gus cumhachd colonaidheach agus a’ bhuaidh air Sudan a shealltainn, agus tha e a’ sealltainn gun robh Arm Bhreatainn a’ cur cultar Sudan an suarachas aig an àm.   

San latha an-diugh, tha mòran thaighean-tasgaidh a’ gabhail cheumannan gus stuthan spùinnte a thoirt air ais dhan àite às an tàinig iad. Gu mì-fhortanach, tha am pròiseas seo gu tric a’ toirt mòran bhliadhnaichean.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1898
Stuthan: Fiodh air a pheantadh, meatailt
Meudachd: 50cm 

Associated Activies

A’ Cnuasachadh

Memorialising… Remembering Looted Communities

 

 

Skip to content