Dealbhan den t-Saighdear Prìobhaideach Seumas Ingram
Taigh-tasgaidh nan Gàidheal

An-diugh tha sinn nas cleachdte ri bhith a’ faicinn daoine le diofar sheòrsaichean ciorraman corporra a bhith a’ gabhail pàirt ann an spòrs. Ach, cha robh a leithid idir àbhaisteach nuair a chaidh na dealbhan seo a thogail. Tha iad a’ sealltainn an t-Saighdeir Phrìobhaidich James Ingram aig na Sìophortaich rè co-fharpais coiseachd Lunnainn gu Brighton.   

Chaidh Ingram a dhalladh le spreadhadh shligean air 1 Cèitean, 1917 ann an Arras, san Fhraing aig àm a’ Chogaidh Mhòir. Tha an cogadh seo ainmeil airson cogadh sna trainnsichean agus ìrean àrda de bhàsan, ach thathar cuideachd a’ meas gun deach suas ri 15 millean fear fhàgail le leòntan mòra a dh’atharraich am beatha às dèidh a’ chogaidh. Chaidh James Ingram a lon cho dona is gum feumte a dhà shùil a thoirt às tro lannsaireachd.    

Bha beatha inntinneach aig Ingram a dh’aindeoin nan dùbhlan aige bho bhith a’ fàs dall. Ghabh e ùidh mhòr ann an spòrs, agus bha dreuchd aige mar mhasseur agus physiotherapist.   

Thàinig e cuideachd sa chiad àite anns a’ chuairt eadar Lunnainn is Brighton ann an 1924, 1925, agus 1926.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1924-1926
Stuthan: Pàipear
Meudachd: 18cm x 12cm

Associated Activity

A’ Cnuasachadh

Memorialising… James Ingram, a soldier who overcame adversity.

 

 

Skip to content