Comharra uaighe Cruithneach
Ionad Eòlas Thairbeart

Tha a’ chlach Chruithneach seo a’ toirt fiosrachadh cudromach dhuinn mu na daoine ris an can sinn na Cruithnich. Chaidh grunn chlachan mòra mar seo a lorg air feadh ceann a tuath na h-Alba. Thug na Ròmanaich an t-ainm picti air na Cruithnich, a’ ciallachadh daoine air am peantadh agus thàinig an t-ainm Beurla air na Cruithnich - Picts - às a sin.     

Bha a’ chlach seo air a cleachdadh mar chomharradh uaighe airson uaigh mhanachail – uaigh aig manach no cailleach-dubh.   

Ged a rinn na Cruithnich a’ chlach seo, chaidh a cleachdadh a-rithist san dàrna linn deug. Chaidh a lorg ann am bun-stèidh Eaglais an Naoimh Chaluim air an Tairbeart. 

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 800 AD
Stuthan: Clach-ghainmhich
Meudachd: 51cm x 20cm x 45cm

Associated Activity


Skip to content