Clarsach Pholl Taobh Locha
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar

Tha a’ chlàrsaich bhrèagha seo, air a sgeadachadh gu brèagha, ann an stoidhle clàrsaich na Banrigh Màiri, a chaidh ainmeachadh mar sin leis gu bheil an dealbhadh tùsail a’ dol air ais gu riaghladh Màiri Banrigh na h-Alba.

’S e a’ chlàrsach an ionnsramaid nàiseanta as sine an Alba. Fada mus do dh’fhàs a’ phìob na samhla de cheòl na Gàidhealtachd, bha a’ chlàrsach air a cleachdadh airson ceòl Gàidhealach. Tha dealbhan de chlàrsaich fiù ’s air nochdadh air clachan Cruithneach.

Chaidh an ionnsramaid mhòr seo de dh’fhiodh snaighte a dhèanamh aig deireadh an naoidheimh linn deug le beathaichean leth-shuaicheantach, dealbhaidhean Ceilteach, duilleagan agus croisean, tha e na dheagh eisimpleir ann an ealain taobh an iar na Gàidhealtachd.

Canar clàrsach Pholl Taobh Loca ris oir thathar a’ creidsinn gun deach a ceannach leis a’ Chòirneal Eideard MacCaluim, Taigh Pholl Taobh Loch.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1900
Stuthan: Fiodh
Meudachd: 72cm x 49cm

Associated Activities


Skip to content