Dealbhan de Sheumas MacMhathain agus Alasdair MacMhathain
Taigh-cùirte Chrombaigh

Tha na dealbhan seo de Sheumas MacMhathain agus mac a bhràthar Alasdair a’ sealltainn eisimpleirean de dh’fhir a dh’fhàs gu math beairteach tro mhalairt ri linn Ìmpireachd Bhreatainn.    

Bha am malairt aca stèidhichte ann an Sìona agus sna h-Innseachan. Bha e a’ gabhail a-steach sìoda, tì agus pòrsalan, ach b’ e opium an rud a bu phrothaidiche. Bha an comann-sòisealta Bhictòrianach a’ cur luach air a’ bheairteas aca agus, leis nach robh opium mì-laghail ann am Breatainn aig an àm, bha na Bhictòrianaich deònach dearmad a dhèanamh air tùs agus buaidh a’ bheairteis. Ach, tha sinn a’ tuigsinn a-nis gun do dh’adhbhraich a’ mhalairt seo fìor chruadal do na milleanan de Shìonaich.   

Bha an dithis comasach air oighreachdan mòra a cheannach ann an Alba bho na prothaidean aca. Cheannaich Seumas fearann ann an Eilean Leòdhais agus fhuair Alasdair oighreachdan ann an Àird Rois agus Loch Aillse. Chaidh inbhe ridire a buileachadh air an dithis aca, bha an dithis aca nam BP airson Rois is Chrombaidh agus bha buaidh mhòr aca anns a’ phàrtaidh Chuigseach (Libearalach). Bha iad cuideachd nam Maor-ceartais. Anns an dreuchd mu dheireadh seo is dòcha gun do thadhail iad fiù ’s air Taigh-cùirte Chrombaigh.   

Aig an àm seo, bhathar den bheachd gun robh an dithis Mhathaineach nan uachdarain an ìre mhath deagh-thoileach agus iad ag amas air piseach a thoirt air an talamh aca tro leasachadh àiteachais is gnìomhachais. Ach chaidh daoine fhuadachadh bhon fhearainn faca mar thoradh air na rinn iad cuideachd. Thàinig na dealbhan gu Taigh-cùirte Chrombaigh ann an 2015 nuair a dhùin Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Pheofharain, far an robh iad stèidhichte roimhe.   

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1850s
Stuthan: Peant ola air canabhas
Meudachd: 120cm x 150cm

Associated Activity

Skip to content