Crios rèisimeideach
Taigh-tasgaidh Leanabachd na Gàidhealtachd

Tha e soilleir gun deach an crios leathair seo a chleachdadh mòran. Bhuineadh e do bhall de 107mh Rèiseamaid Coise Bhengal. Tha connspaid co-cheangailte ris an rèisimeid coise Bhreatannach seo a-nis oir chaidh a togail le Companaidh nan Innseachan an Ear ann an 1765.  

Ged a bha i na companaidh phrìobhaideach, biodh Companaidh nan Innseachan an Ear a’ togail airm gus an leas anns an na h-Innseachan a dhìon. Cha deach na feachdan sin a dhèanamh nam pàirt de chrùn Bhreatainn gus an deach na h-Innseachan a cholanachadh às dèidh Ciad Chogadh Saorsa nan Innseachan ann an 1857.   

Anns an rèiseamaid seo, bha oifigearan Breatannach a’ stiùireadh buidhnean-catha de shaighdearan Innseanach, ris an canar sepoys. Ann an 1857, dh’èirich saighdearan sepoy an aghaidh riaghladh Bhreatainn; a dh’aindeoin sin, dh’fhuirich mòran aca dìleas dhan rèisimeid, a’ cur sìos an ar-a-mach còmhla ris na Breatannaich.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1870
Stuthan: Leathar, meatailt
Meudachd: 35cm x 20cm x 5cm

Associated Activity

Skip to content