Sgiath à Somalia
Taigh-tasgaidh Inbhir Narann

’S ann à Somalia a tha an sgiath ugh-chruthach seo. Air a dhèanamh le seiche sròn-adharcach, tha sia copain meatailt ann, le aon a dhìth, air a cheangal le fàinneachan aig cùl na sgiath.   

Ach ciamar a thàinig an rud neo-àbhaisteach seo gu bhith ann an Taigh-tasgaidh Inbhir Narann? Aig àirde Ìmpireachd Bhreatainn, bhiodh luchd-cruinneachaidh Breatannach beartach a’ siubhal gu colonaidhean Eòrpach, nam measg an fheadhainn ann an Afraga. Gu tric bhiodh iad a’ toirt air ais rudan mar seo, a bharrachd air buill-airm, obair-ealain, aodach-fighte, agus raon de stuthan cultarail.   

Thathar a’ creidsinn gun deach an sgiath seo a chruinneachadh le fear à Inbhir Narann. Is dòcha gu robh e airson cruinneachadh prìobhaideach. Rinn iad seo gus sealltainn cho 'soifiostaigeach' ’s a bha an neach-cruinneachaidh agus bha iad a’ nochdadh ùidh ann an cultaran 'annasach'.  

Bhathar cuideachd a’ faicinn nithean mar seo mar shamhlaidhean air cliù agus beairteas ìmpireil Bhreatainn. Tha ath-mhìneachadh nas ùire air an eachdraidh seo a-nis a’ togail ceist mu dhìth tuigse cultarach, gu h-àraidh leis gun deach mòran stuthan cultarail cudromach a ghabhail gun aire dhan cho-theacsa aca no dhan adhbhar tùsail aca.  

Chaidh an stuth seo a thoirt seachad do Thaigh-tasgaidh Inbhir Narann ach chan eil mòran eòlais againn mar a chaidh a chruinneachadh.   

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1800
Stuthan: Metal, Rhino Hide
Meudachd: 47.9cm x 36cm

View related activities


Skip to content