Figheadairean Ropa
Taigh-tasgaidh Gheàrrloch

B’ e bathar ro-chudromach a bh’ ann an ròpa, is e air a chleachdadh airson a h-uile rud bho iasgach gu tughadh gu dìreach a bhith a’ ceangal rudan ri chèile. Mus robh snàithleach fuadain ann, bhathar a’ dèanamh ròpa à stuthan nàdarra leithid connlach, muran, falt-eich, no cainb. Bhiodh iallan fa leth air an toinneamh ri chèile gus am biodh an ròp làidir. 

Faodaidh an t-inneal seo trì sreathan de ròp a thoinneadh còmhla aig an aon àm. Bhiodh gach iall air a cheangail ri fear de na dubhain. Le bhith a’ tionndadh an làmh bhiodh e a’ toinneadh nan iallan ri chèile. Rinneadh an t-inneal le làimh bho phìosan fiodha agus iarainn. Tha e sìmplidh ach èifeachdach.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1949
Stuthan: Fiodh, meatailt 
Meudachd: 46cm x 13cm x 11cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content