Cartan bainne
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Tha Tuathanas Auchernack faisg air Baile nan Granndach agus chaidh a ruith leis an teaghlach Mac a’ Ghobhainn bho 1936. Bha e na thuathanas bainne fad iomadh bliadhna agus bhiodh e a’ solarachadh bainne do bhùthan ionadail anns na pacaidean branndaichte aige. An-diugh chan eil ach mu dheich tuathanasan-bainne air feadh na Gàidhealtachd leis gu bheil dèanamh bainne a-nis air sgèile fìor mhòr.

Canar Tetra Pak ri stoidhle a’ chartain bhainne aig Auchernack agus chaidh a chruthachadh ann an 1952 le Ruben Rausing, dealbhaiche Suaineach. Bha ùidh aige ann a bhith a’ lorg fuasgladh ùr airson pacadh bainne, a bha air a reic ann am botail trom agus cosgail gus an àm sin. Tha an seòrsa seo de chartan cairt-bhòrd plastaigeach fhathast air a chleachdadh gu cumanta san latha an-diugh leis gu bheil e a’ seuladh a’ bhainne a-steach agus a’ cumail nam microbes a-mach. Tha a’ chairt-bhòrd air a dhèanamh suas de shreathan de dh’alùmanum, bòrd-pàipeir, agus polyethylene agus tha iad am pasgadh bho aon duilleag. Tha e nas aotroime agus nas saoire a dhèanamh na botail glainne ach tha e duilich ath-chuairteachadh.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1989
Stuthan: Cairt-bhòrd
Meudachd: 17cm x 7cm x 7cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content