Bogsa snaois à Khartoum
Taigh-tasgaidh nan Gàidheal

B’ e seòrsa de phùdar tombaca a bh’ ann an snaois, a bhiodh air a ghabhail tron t-sròin. Bhiodh e tric air a ghabhail leis na buill a b’ àirde sa chomann-shòisealta, agus bha clasaichean na b’ ìsle buailteach a bhith a’ smocadh tombaca. Bhathar a’ creidsinn uair gun robh buadhan slànachaidh aige.   

Chaidh am bogsa snaois Sudanach seo a lorg air an raon-catha aig àm Iomairt Shudan. Bha feachdan colonach Breatannach is Èipheiteach a’ sabaid gus smachd a chumail air Sudan.   

Tha nota am broinn a’ bhogsa ag ràdh, ‘Fhuaradh am bogsa seo air raon-catha Atbara air an 8mh latha den Ghiblean 1898. Am broinn a’ bhogsa, tha pìos de staidhre Lùchairt an t-Seanalair Ghòrdain, Khartoum, a chaidh a thoirt às an sin air 4mh Sultain 1898. An t-Saighdear Prìobhaideach J White'.

General Gordon was Governor-General of Sudan and was killed there during an earlier battle. In Britain, Gordon was a popular figure and the public was outraged by his death. He came to be viewed as a martyr for the British empire and objects associated with him, like the fragment of staircase, were sought-after.   

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1898
Stuthan: Wood, Metal, Paper
Meudachd: 10cm x 3cm x 5cm

Associated Activity

A’ Cnuasachadh

Memorialising… The Transatlantic Slave Trade

 

 

Skip to content