Teadaidh
Taigh-tasgaidh Leanabachd na Gàidhealtachd

Chaidh an teadaidh seo a dhèanamh anns na 1930an leis an neach-dèanamh Lunnainneach Dean’s, a’ chiad chompanaidh Breatannach a rinn teadaidhean.  

Bha e còmhdaichte le mohair bog agus clòimheach, tha e a-nis maol agus lom, agus garbh bho daoine a bhith a’ beantainn ris, a’ sealltainn gun robh gaol aig daoine air fad na h-eachdraidh aige. Bidh cuid de theadaidhean gan toirt seachad bho phàrant gu leanabh.  

Tha an dà shùil glainne tùsail aig a’ mhathain a dhìth agus tha toll beag ann an druim an teadaidh, a’ toirt sealladh beag air lìonadh garbh clòimh-fiodha a bhodhaig. Tha a ghàirdeanan, a chasan agus a cheann ceangailte ris a’ bhodhaig le prìnichean meatailt.  

Chaidh an teadaidh mar as aithne dhuinn an-diugh e a chruthachadh mar urram do Cheann-suidhe Ameireagaidh Theodore Roosevelt ann an 1902.   

Nuair a bha e air turas seilge ann am Mississippi, b’ e Theodore, no ‘Teddy’ mar a chanadh cuid de a charaidean ris, an aon neach anns a’ phàrtaidh seilge nach do lorg fiù ’s aon mhathan. Rinn Roosevelt an naidheachd nuair a dhiùlt e losgadh air mathan a bha a charaidean 'cuideachail' air ceangal ri craobh. Rinn pàipearan-naidheachd magadh air a’ cheann-suidhe - an sealgair geama mòr nach marbhadh mathan!   

Às dèidh dha Clifford Berryman, neach-cartùn poilitigeach, cartùn den tachartas a chruthachadh airson an Washington Post, chruthaich sealbhadair bùth suiteis ann am Brooklyn, Morris Michtom, mathan dèideag lìonta dhan Cheann-suidhe. ’S e 'Teddy's Bear' a bh' aige air.   

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1930s
Stuthan: Aodach, fiodh
Meudachd: 30cm x 15cm x 15cm

Associated Activity


Skip to content