Doile ‘Tissie’
Taigh-tasgaidh Leanabachd na Gàidhealtachd

Bha Tissie air aon de na ciad nithean a chaidh a thoirt seachad nuair a chaidh Taigh-tasgaidh Leanabachd na Gàidhealtachd a stèidheachadh. Tha i na h-eisimpleir brèagha de dhoile dhaor, bho tràth san Linn Bhictorianach. Tha a ceann agus a guailnean air an dèanamh le papier-mâché, air a bhogadh ann an cèir. Tha a bodhaig air a dèanamh à clò, air a lìonadh le min-sàibh agus tha a làmhan agus a casan air an dèanamh à leathar bog. Tha sùilean glainne donn aice (tè dhiubh a chaidh a chur an àite tè thusail) agus ceann dh’fhalt daonna fhìor.

Thathar a’ creidsinn gun deach Tissie a dhèanamh ann an Lunnainn, uaireigin eadar nan 1830 agus 1850. Tha e coltach gun deach a ceannach do thè de nigheanan Iarla agus Ban-iarla Chrombaidh (air an robh Bana-dhiùc Chataibh cuideachd). Ach, bha sealbhadair òg eile aig Tissie aig an àm sin. Fhad ’s a bha Ban-iarla Chrombaidh a’ tadhal air teaghlach croitearachd air an oighreachd, thug an nighean aice Tissie do leanabh a bha tinn sa chroit. Bha an teaghlach croitearachd uamhasach measail air Tissie agus chluich ginealaichean den teaghlach leatha, agus mar thoradh air sin chaidh a h-aodann a mhilleadh thar nam bliadhnaichean taobh a-staigh an taigh-croite cheòthaich.

Bhuineadh Tissie dhan teaghlach seo gus an deach a toirt do dh’Angela Kellie anns na 1980an. Chruinnich Kellie doileagan agus bhiodh iad gan taisbeanadh dhan phoball na dachaigh fhèin ann an Srath Pheofhair. Tron gheamhradh, bha i a’ ruith ospadal dhoieagan, far an robh i a’ càradh doileagan a chaidh a chur thuice bho air feadh na h-Alba. Nuair a leig i dhith a dreuchd anns na 1990an, thàinig Tissie gu Taigh-tasgaidh Leanabachd na Gàidhealtachd. Tha an dreasa sìoda a rinn Mrs Kellie dhi oirre fhathast leis gu bheil an dreasa tùsail aice ro sho-leòinte.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1830 – 1850
Stuthan: Cèir, coimeasg, stuth-aodach
Meudachd: 55cm x 25cm x 25cm

Associated Activities



Skip to content