Geama-bùird Ups and Downs in India
Taigh-tasgaidh Leanabachd na Gàidhealtachd
Chaidh an geama bùird seo a dhèanamh leis an Homeland College ann an 1930. Ged a chuireadh taobhan dheth iongnadh oirnn an-diugh, bha e air a dhealbhadh mar dhòigh spòrsail airson ionnsachadh mu na dleastanasan agus uallachaidhean a tha an cois a bhith a’ fuireach agus ag obair anns na h-Innseachan.
Tha e coltach gun robh e ag amas air clann a ghluais do na h-Innseachan airson obair. Tha na trì caractaran a’ riochdachadh cuid de na h-obraichean as cumanta a rinn muinntir Bhreatainn anns na h-Innseachan – mar mhiseanaraidhean, oifigearan riaghaltais coloinidheach agus saighdearan.
Tha an geama-bùird na chuimhneachan làidir air làthaireachd colonach Bhreatainn anns na h-Innseachan, fiù ’s anns na 1930an. Am measg nan gnìomhan air a’ gheama-bùird tha ‘searmonachadh do na daoine’, eadar-theangachadh a’ bhìobaill agus teagasg. Tha e cuideachd a’ sealltainn nan duilgheadasan a bhiodh ann thall thairis, a’ gabhail a-steach galair, monsoonan agus dùbhlan bho na h-Innseanaich.
Associated Activities