Racaid-teanais Bhictorianach
Taigh-tasgaidh Inbhir Narann

Rinneadh an racaid teanas fiodha Slazenger ‘Queens Junior’ seo rè linn Bhictoria.

Dh’fhàs teanas mòr-chòrdte mar spòrs ann an linn Bhictoria am measg nan clasaichean meadhanach agus àrd. Chaidh an geama a chluich fad linntean, ach b’ ann tron naoidheamh linn deug a chaidh a stanndarachadh. Bha teanas air fhaicinn mar ghnìomhachd fhallain agus iomchaidh do bhoireannaich òga a bharrachd air fir. Mar thoradh air sin, chaidh a chluich ann am bailtean-turasachd agus spàthan fasanta.

Chaidh an racaid teanas seo a thoirt do Thaigh-tasgaidh Inbhir Narann le Ms Alison NicDhòmhnaill à Inbhir Narann.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1880s
Stuthan: Fiodh
Meudachd: 66cm x 23cm

Associated Activity


Skip to content