Cnàmh-amhaich aig muc-mhara
Ionad Eòlas Thairbeart
Tha cnàimh-amhaich na phàirt den chnàimh-droma. Bhuineadh seo do mhuc-mhara spùtach, agus tha i còrr is meatair a dh’fhaid.
Thathar a’ creidsinn gur ann aig mhuc-mhara a chaidh a chall air na creagan faisg air Port MoCholmaig ann an 1796 a bha seo.
Thug a’ mhuc-mhara mharbh, a bha 19.5 meatair a dh’fhaid a rèir aithrisean, mòran de shìol-oladh, no spermaceti, stuth cèireach a chaidh a lorg ann cinn mhucan-mara. Bha seo prìseil oir chaidh a chleachdadh gus coinnlean a dhèanamh. Bhiodh saill na muice-mara cuideachd air a ghoil agus air a chleachdadh gus siabann, leathar, maise-gnùise agus coinnlean a dhèanamh, a bharrachd air connadh ann an lampaichean ola agus losgadairean.
Tha an cnàimh-amhaich seo a’ sealltainn iomadachd beatha na mara air costa an ear-thuath na h-Alba. Bidh muc-mhara spùtach a’ fuireach ann an uisge domhainn, ach uaireannan bidh iad a’ dol air chall no a’ dol air tràighean na Gàidhealtachd. Tachraidh seo mar thoradh air mucan-mara ag ithe truailleadh plastaig ag adhbharachadh tinneas, no buaireadh fuaimneach bho shoithichean agus gnìomhachas na h-ola.
Associated Activities