Plàc mun Dàrna Cogadh
Taigh-cùirte Chrombaigh

Tha an nì seo a’ toirt dhuinn sealladh air beatha làitheil san Dàrna Cogadh.   

Aig àm a’ chogaidh, chaidh sgeamaichean togail-airgid a chur air dòigh gus daoine a bhrosnachadh gus airgead a shàbhaladh le bhith a’ ceannach bannan an Riaghaltais agus teisteanasan sàbhalaidh. Bha sgeamaichean sàbhalaidh mar seo a’ toirt cothrom do riaghaltasan airgead a thogail, air am biodh feum mòr ann am Breatainn aig àm a’ chogaidh. Chaidh tachartasan a chur air dòigh gus airgead a thogail airson ospadalan blàir agus uidheamachd nam feachdan armaichte.  

Chaidh targaidean a shuidheachadh airson bailtean. Tha am plàc seo a’ sealltainn gun do ruig Cromba an targaid aca ann an 1944, nuair a bha ‘Salute the Soldier’ mar chuspair na h-iomairt.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1944
Stuthan: Plastaig mòlltaichte
Meudachd: 35cm x 60cm

Associated Activity

Skip to content