Soidhne Leabaidh is Bracaist
Taigh-tasgaidh Gheàrrloch

Tha Geàrrloch air a bhith na àite cudromach do luchd-turais bho dheireadh nan 1800an. Thadhail a’ Bhan-righ Bhictoria air an sgìre ann an 1877, agus dh’fhuirich i ann an Taigh-òsta Loch MoRuibhe. Sgrìobh i gu fàbharach san leabhar-latha mu a turas agus mu bhòidhchead na sgìre, ged a bha an t-uisge ann fad an turais aice a rèir coltais.  

Bha e fasanta a dhol air tursan dhan Ghàidhealtachd mar thoradh air a’ Bhanrigh Bhictoria, agus tràth sna 1900an, bhiodh daoine math dheth bho air feadh na dùthcha a’ dol air an turas fada gu tuath gus seachdain no dhà a chur seachad a’ faighinn tlàchd à adhair agus seallaidhean an àite, agus gu tric ag iasgach air lochan brèagha.  

Às dèidh an Dàrna Cogaidh, bha càraichean aig tòrr a bharrachd dhaoine agus thug seo seòrsa ùr de luchd-tadhail a Gheàrrloch. Mar thoradh air tabhartasan bho Bhòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, b’ urrainn do mhòran de mhuinntir an àite an dachaighean atharrachadh gus fàilte a chur air luchd-tadhail mar dachaidhean Leabaidh is Bracaist. Bha soidhnichean mar seo rim faicinn air taighean-croite air feadh na sgìre agus ghabhadh cuimhneachain Gheàrrloch a cheannach ann am bùthan ionadail mar chuimhneachan air saor-làithean, no mar phreasant do chuideigin aig an taigh.  

Tha turasachd fhathast na ghnìomhachas cudromach ach ràitheil ann an Geàrrloch. Bidh an Taigh-tasgaidh a’ cur fàilte air mu 12,000 neach-tadhail bho air feadh an t-saoghail gach bliadhna agus tha àiteachan-fuirich leabaidh is bracaist fhathast rim faighinn, ged a tha mòran nas lugha dhiubh ann san latha an-diugh.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1950s
Stuthan: Fiodh
Meudachd: 46cm x 39cm x 3cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content