Ceann tuagh bho Linn an Umha
Taigh-tasgaidh Ulapuil

Bha tuaghan mar seo nan innealan làitheil ann an Linn an Umha agus bha iad riatanach airson a bhith beò. Chaidh an cleachdadh airson tòrr diofar ghnìomhan leithid bùidsearachd feòil agus sgrìobadh seiche bheathaichean, ach gu ìre mhòr airson craobhan a leagail.

Bha fiodh na stòras connaidh cudromach airson solas is teas. Ach, bhathar ga chleachdadh cuideachd nuair a bhathar a’ dèanamh thaighean-còmhnaidh, bhàtaichean, àirneis agus innealan eile. Bha tuaghan cuideachd air an cleachdadh gus craobhan a chlioraigeadh gus spàs fhosgladh a-mach agus gus achaidhean a chruthachadh airson tuathanachas agus àrach bheathaichean. Bha iarrtas mòr air fiodh agus tha fianais àrainneachdail a’ sealltainn gun do thachair dì-choillteachadh mòr air a’ Ghàidhealtachd ann an Linn an Umha.

Bha feum air fiodh cuideachd gus gual-fhiodha a dhèanamh a bha deatamach do theicneòlas Linn an Umha. Dh’fheumadh teine gual-fhiodha gus teòthachd àrd gu leòr a ruigsinn de chòrr is 1,100℃ gus a’ chlach-mhèinnir a leaghadh gus umha a mhòlltachadh.

Chaidh an ceann tuagha seo a lorg ann an gàrradh taighe anns an Rubha, faisg air Ulapul. Bhiodh e air a bhith ceangailte ri làmhrachan fiodha.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 2000 BCE
Stuthan: Umha
Size : 11cm x 6cm x 2cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content