Biast-dhubh
Taigh-tasgaidh Ulapuil

’S e inneal iasgach tionnsgalach a th’ ann am biast-dhubh. Le bhith a’ cleachdadh sruth an uisge, b’ urrainn dhan bhiast-dhuibh gluasad tarsainn na h-aibhne, a’ tarraing na loidhne iasgaich air a chùlaibh, às am biodh sreath de 'snells' - loidhnichean goirid ceangailte ris a’ phrìomh loidhne. Tha e a’ leigeil leis an iasgair iomadh maghar a bhith aca san uisge, a’ meudachadh a’ chothroim iasg a ghlacadh, leis an iasgair air bruaich na h-aibhne. 

Chan eil e cho dualtach gum biodh iasg air taobh eile na h-aibhne a’ gabhail eagal agus a’ falach, leis an iasgair air bruaich na h-aibhne.  

Leis gun robh iad air an cleachdadh gu tric le poidsearan, chaidh biastan-dubha a thoirmeasg ann am Breatainn le Achd Iasgach a’ Bhradain 1861.  

San latha an-diugh, ma tha thu airson iasgach airson bradan, breac no iasg agus easgannan fìor-uisge, feumaidh cead iasgach slaite a bhith agad bho Bhuidheann na h-Àrainneachd, a bharrachd air cead iasgach air an abhainn fhèin.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1850s
Stuthan: Fiodh 
Meudachd: 52cm x 22cm x 2cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content