Stampa ìm
Taigh-tasgaidh Ulapuil
Bhiodh an stampa ime seo air a chleachdadh gus dealbhan a chur air bloca ìm blàth. Bhiodh tuathanaich agus companaidhean bainne coimeirsealta uaireannan a’ cleachdadh stampaichean mar dhòigh gus an toradh a chomharrachadh, ag obair mar eisimpleir tràth de ‘chomharra-malairt’.
Na bu thrice, bha stampaichean ìm dìreach airson adhbharan sgeadachaidh agus air an cleachdadh ann an dachaighean gus ìm tarraingeach a chruthachadh gus am bòrd a sgeadachadh. Tha an stampa sgeadachaidh seo air a shnaigheadh le pàtran cluarain agus tha e air a dhèanamh bho aon phìos fiodha.
Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut: