Buinn-ghàirdein Òir
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar

Chaidh am paidhir buinn-ghàirdeanan òir seo bho dheireadh Linn an Umha a lorg ann an Cille Mhàillidh, dìreach taobh a-muigh a’ Ghearasdain. Thathar den bheachd gur ann à Èirinn a tha iad.   

Tha sgeulachd iongantach ann mu mar a chaidh an lorg ann an 1871! Bha aisling aig croitear gun lorgadh e ionmhas nan cladhadh e ann an àite sònraichte. Nuair a chaidh e ann, lorg e na buinn-ghàirdein òir air leth seo.   

Thug an croitear na buinn-gàirdein dhan uachdaran ionadail, Camshron Loch Iall, a leig leis a’ chroitear fuireach air an fhearann aige gun mhàl fad a bheatha.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 2,000-700 BCE
Stuthan: Òr
Meudachd: 38cm x 25cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:

Skip to content