Carragh-cuimhne teaghlach MhicLeòid
Ionad Eòlas Thairbeart

Bha carraighean-cuimhne teaghlaich mar dhòigh do theaghlaichean gus an dìlseachd dhan chreideamh aca a shealltainn agus gus dèanamh cinnteach gum biodh an sinnsirean air an cuimhneachadh agus urram air a thoirt dhaibh fad ghinealaichean ri teachd.   

Tha an carragh-cuimhne mòr seo, a tha air a’ bhlàr a-muigh, air a dhèanamh de chloich is màrmor, a’ comharrachadh teaghlach MhicLeòid air an Tairbeart. Bha an teaghlach gu math beartach agus bha iad an sàs gu gnìomhach ann am beatha shòisealta, phoilitigeach agus eaconamach na sgìre.   

Tha aon phàirt den charragh-cuimhne a’ comharrachadh nam bràithrean Pàdraig agus Uilleam MacLeòid, mic Dhòmhnaill MhicLeòid Esquire à Geanies, a chaochail aig aois òg 32 agus 28.   

Bhiodh an call seo air mòr-bhròn adhbharachadh dhan teaghlach agus mar sin, is beag an t-iongnadh gun deach an dithis a chomharrachadh air a’ charragh-chuimhne. Tha druma agus gunna-mòr a’ riochdachadh Arm Bhreatainn, anns an robh Pàdraig, agus tha an acair a’ riochdachadh a’ Cabhlaich Rìoghail anns an robh Uilleam. Bhiodh an leòmhann sa mheadhan air fhaicinn mar shamhla de dh’ìmpireachd Bhreatainn, a’ sealltainn gràdh-dùthcha leantainneach an teaghlaich a dh’aindeoin call duilich dà bheatha òg. Ged a tha luchd-eachdraidh fhathast ag ath-bhreithneachadh air dìleab Ìmpireachd Bhreatainn, thug Pàdraig agus Uilleam am beatha seachad mar ìobairt airson an dùthcha.   

 

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1840s
Stuthan: Màrmor is clach-ghràin
Meudachd: 271cm x 140cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content