Gual
Ionad Dualchais Bhùra
Chaidh gual a lorg ann am Brùra an toiseach ann an 1529. Bha prìomh àite gu bhith aige ann am beairteas agus gnìomhachas Bhrùra.
Chaidh a’ mhèinn guail a b’ fhaide a tuath ann am Breatainn a thogail ann am Brùra ann an 1814, a thug cumhachd do dh’iomadh gnìomhachas ionadail a’ gabhail a-steach àthan obair bhreige, agus muileann clòimhe, a bharrachd air a bhith na chonnadh do ghnìomhachas salainn a bha ann bho àm gu àm. Anns a’ phròiseis sin, chaidh panaichean mòra sàil a chur air teintean guail. Bhiodh an t-uisge a’ deatachadh, a’ fàgail an t-salainn. Bha e cudromach airson am bradan a chaidh a ghlacadh ann an Abhainn Bhrùra agus Loch Bhrùra a ghleidheadh.
Chaidh an gual a chleachdadh gus cumhachd an dealain a dhèanamh airson nan solais-sràide dealanach, 25 bliadhna mus tàinig dealain an lìonra gu ceann a tuath na Gàidhealtachd. Dhùin a’ mhèinn guail ann an 1974.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach
Ceann-latha: 165,000,000 BCE
Stuthan: Fosail de stuthan planntrais
Meudachd: 19cm x 11cm