Sgian dubh
Taigh-tasgaidh Ulapuil

’S e sgian bheag le aon oir a th’ anns a’ sgian dubh, air a caitheamh mar phàirt de dh’èideadh traidiseanta na h-Alba le fèileadh.   

Chaidh a chleachdadh gu traidiseanta airson biadh, a bhith a’ gearradh stuthan, agus cuideachd airson dìon. Thar ùine tha e air a dhol bho bhith na nì practaigeach gu bhith na nì sgeadachail, agus mar sin tha e air a chaitheamh gu follaiseach.  

An-diugh, chuireadh an lagh timcheall air giùlan armachd cunnartach casg air a leithid de sgithinn. Ach, faodar an sgian dubh a chaitheamh mar phàirt de dh’èideadh nàiseanta na h-Alba.  

Faodaidh am facal dubh a bhith a’ ciallachadh ‘falaichte’, is dòcha a chionn ’s gum biodh an sgian air falach gu tric. Bha e àbhaisteach gum biodh buill-airm air am fàgail aig doras dachaigh leis na h-aoighean a bha a’ tighinn a-steach.   

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1600-1800
Stuthan: Fiodh 
Meudachd: 21cm x 3cm 

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content