Diorama de Mhurt Ghleann Comhann
Taigh-tasgaidh Dualchas Ghleann Comhann

Rabhadh susbaint. Dh’fhaodte gun cuir an nì seo dragh air cuid de luchd-tadhail.  

Anns a’ Ghearran 1692, chaidh Dòmhnallaich Ghleann Comhann a mhurt nuair a dh’fhailich orra am bòid dhìlseachd a ghealltainn do na monarcan ùra Uilleam III agus Màiri II luath gu leòr. Bha ceannard a’ chinnidh, MacIain, air feuchainn ri a mhionnan a thoirt seachad ach nuair a ràinig e Inbhir Lòchaidh (an Gearasdan an-diugh), chaidh ath-stiùireadh gu Inbhir Aora far am feumadh e a mhionnan a thoirt seachad air beulaibh bàillidh. Ach air a bhacadh le droch shìde agus air a chur an greim, bha an seann cheannard fadalach ann a bhith a’ toirt seachad na bòid dìlseachd.   

During the massacre that was ordered as punishment, it is now thought that 38 members of the MacDonald clan were murdered in their homes, and hundreds more died in the mountains.

Tha an diorama seo a’ toirt dhuinn sealladh an neach-ealain air na thachair. Tha e gu math cumhachdach, a’ sealltainn cho fòirneartach ’s a bha am murt, anns an d’ fhuair boireannaich is clann bàs.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1970s
Stuthan: Plastaig, clòimh, meatailt, fiodh
Meudachd: 37cm x 56cm x 91cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content