'Na 7mh Camshronaich aig Blàr Loos' le Iòsaph Gray
Taigh-tasgaidh nan Gàidheal
Tha an dealbh-ola seo a’ sealltainn 7mh Buidheann-catha nan Camshronach ann am meadhan Blàr Cnoc 70, a thachair air 25 Sultain, 1915.
Thachair am blàr seo aig Loos air an Aghaidh an Iar agus tha e cudromach oir b’ e seo a’ chiad turas a chaidh gas puinnseanta a chleachdadh mar armachd leis na Breatannaich. B’ ann cuideachd anns a' bhlàr seo a choisinn Fo-Chòirneal Dùghlas-Hamilton, de Ghàidheil Chamshronach na Banrigh, Crois Bhictoria airson gaisge.
Bha an neach-ealain, Iòsaph Gray, an toiseach na shaighdear leis an Fhreiceadan Dubh mus deach a fhastadh mar neach-ealain cogaidh oifigeil. B’ e an obair aige clàr lèirsinneach a dhèanamh de raointean blàir agus de shuidheachadh na nàmhaid.
Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut: