Fadaire-teine
Taigh-tasgaidh Gheàrrloch

Tha e uaireannan doirbh teintean a lasadh, gu sònraichte nuair a tha na biorain fliuch Bhiodh an lasadair teine seo a ghabhas ath-chleachdadh air a bhith ro-chudromach gus deagh theine a thòiseachadh. Tha e air a dhèanamh de chloich a tha gu math sùigheach coltach ri sligeart. 

Bhiodh a’ chlach air a bogadh ann am pairifin agus bhiodh i a’ gabhail a-steach gu leòr gus an loisgeadh i airson grunn mhionaidean, a’ leigeil leis an teine gabhail. Bhiodh e an uair sin air a thoirt às an teine le bhith a’ cleachdadh na h-uèire (gu faiceallach gun a bhith a’ losgadh chorragan) agus, aon uair ’s gun robh e fionnar, rachadh a chur air ais ann an crogan pairifin deiseil airson a chleachdadh a-rithist an ath thuras a bha feum air teine.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1940s
Stuthan: Metal, Brick 
Meudachd: 26cm x 4.5cm x 4cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content