Bogsa bhràistean Dìon Chatharra
Taigh-cùirte Chrombaigh

Aig àm an Dàrna Cogaidh, bha faireachdainn làidir air feadh na dùthcha gum bu chòir cur ri oidhirp a’ chogaidh. Ach, is iomadh duine nach robh comasach air pàirt a ghabhail anns na feachdan mar thoradh air diofar adhbharan.   

Chaidh an t-Seirbheis Dìon Chatharra a stèidheachadh gus aithne a thoirt do ghnìomhan an t-seirbheis smàlaidh, sgiobaidhean sgrùdaidh is teasairginn, luchd ciad-cobhair, agus pàrtaidhean streadsair a tha deatamach dhan oidhirp cogaidh aig baile. Bha còrr is 1.9 millean an sàs ann an Dìon Chatharra agus chaill faisg air 2,400 am beatha ann an ionnsaighean bhon nàmhaid. 

Chaidh am bogsa bhràistean seo a chur à Lunnainn gu Clèireach a’ Bhaile ann an Cromba, a bha a’ co-òrdanachadh nan diofar bhuidhnean dìon agus sochair san sgìre. Tha na bràistean sin a’ gabhail a-steach AFS (Seirbheis Smàlaidh Thaiceil), ARP (Uàrdan Dìon Adhair), Freiceadan na Dùthcha (militia saoranaich armaichte) agus Seirbheis nan Ionadan Fois (às dèidh ionnsaighean adhair).  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1939-1945
Stuthan: Meatailt chòmhdaichte le cruan, cairt-bhòrd
Meudachd: 10cm x 7cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content