Brath-ùrlar seilg
Taigh-tasgaidh Taigh a’ Ghroinn

Chaidh am brat-ùrlair sònraichte seo a dhèanamh leis an neach-ealain George Bain agus ’s e ‘Brat-ùrlar na seilge’ a chanar ris.

Tha a mhìonaideachd anns a’ bhrat iongantach agus is fhiach e sùil nas mionaidiche a thoirt air. Tha seo a’ gabhail a-steach seilgearan air muin eich, tuirc, fèidh agus coin.

Aig deireadh nan 1940an, dh’iarr a’ chompanaidh bhrat-ùrlaran Quaule is Tranter air Bain dealbhaidhean Ceilteach a dhèanamh a bhiodh freagarrach air bratan-ùrlair. ’S e co-obrachadh gu math torrach a bha seo. Chan fhada gus an deach inbhe mar chomhairliche a thoirt do Bhain a bharrachd air inbhe mar dhealbhadair. Cha deach a h-uile dealbhadh a thug e seachad a dhèanamh. Ach, b’ e 'brat-ùrlar an t-seilg' am fear a bu shoirbheachaile a rinn e.

Tha 'SS Cunard Samaria' sgrìobhte air a’ chùl, a’ sealltainn dhuinn gur dòcha gun deach a cheannach airson margaidh nan longan turas-mara aig àrd-ìre. Tha seo a’ sealltainn cho mòr-chòrdte ’s a bha Bain agus an ìre is gun robh na dealbhaidhean aige gam meas mar àirde fasan sòghail na latha.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1900s
Stuthan: Stuth-aodaich
Meudachd: 10cm x 5cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content