Ladar fiodha
Taigh-tasgaidh Inbhir Narann

Bhiodh an ladar fiodha seo le dubhan air gu math cumanta ann an dachaighean air feadh na Gàidhealtachd. Ghabhadh an cleachdadh airson grunn diofar rudan, gus car a chur air biadh, mar spàin òil airson bainne no airson brot a thogail.

Bhiodh a’ mhòr-chuid de ladair air an crochadh air dreasair no ri taobh stòbha. Bha truinnsearan, bobhlaichean agus spàinean uile air an dèanamh de dh’fhiodh uair, gu tric air an dèanamh le làimh bho ailm no craobh sice.

Ged nach cleachdamaid fiodh airson soithichean an-diugh, ach a-mhàin airson cleachdadh aon-turais, cha bhiodh am fiodha dlùth-ghràinneach seo a’ sùghadh a-steach biadh no a’ toirt buaidh air càileachd a’ bhidhe a bha nan lùib. Is dòcha gun deach an ladar sònraichte seo a chleachdadh airson brochan a thogail.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1860-1880
Stuthan: Fiodh
Meudachd: 6cm x 12cm x 35cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content