Dealbh de na Minstrels
Ionad Dualchais Bhùra

Rabhadh - dh’fhaodte gun cuir an nì seo dragh air cuid de luchd-tadhail.

Bho na 1950an, bha buidheann de luchd-cleasachd à Brùra air an robh na Brora Entertainers. Bhiodh iad ri cleasachd ann an an cèilidhean sa bhaile agus air feadh ceann a tuath na h-Alba.

Ann an aon taisbeanadh den leithid ann an 1975 bha na Entertainers a’ dèanamh atharrais air prògram dibhearsain aotrom a’ BhBC, ‘The Black and White Minstrel Show’, a ruith fad 20 bliadhna bho 1958. Chuireadh seinneadairean fireann na buidhne maise-aodaich dorcha air an aghaidhean, pròiseas ris an canar uaireannan ‘dubhadh suas’ agus a tha a-nis air a mheas mar nì gu math oilbheumach. Bhiodh a’ bhuidheann a’ dèanamh òrain is dannsa, mòran dhiubh aig an robh freumhan ann an coimhearsnachdan tràilleachd ann an ceann a deas Ameireagaidh.

Tha an dealbh a’ toirt sealladh dhuinn air mar a tha beachdan air atharrachadh leis nach biodh an seo ga mheas iomchaidh an-diugh ach ged nach do chuir e dragh air daoine sna làithean sin. Feumar coimhead air an dealbh de ‘Brora Minstrels’ ann an co-theacs an ama, oir cha bhiodh an luchd-cluiche an dùil a bhith oilbheumach. Tha e na dheagh chuimhneachan air an uiread de dh’adhartais a rinneadh sna deicheadan mu dheireadh.

 

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1975
Stuthan: Pàipear
Meudachd: 15cm x 20cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content