Fuaimeadair mac-talla Simrad
Taigh-tasgaidh Ulapuil

Bidh teicneòlas fuaim-mactalla mar am fuaimeadair mac-talla Simrad seo ag obair ann an dòigh tionnsgalach gus nithean a lorg fon mhuir. Le bhith a’ cur tonnan fuaim a-mach agus a’ clàradh na h-ùine a bheir e mus tig am mac-talla, is urrainn dhan fhuaimeadair mac-talla doimhneachd na mara obrachadh a-mach ann an diofar àiteachan. Tha e ag obrachadh a rèir a’ phrionnsapail gu bheil fuaim a’ siubhal tro uisge aig astar cunbhalach.

Chaidh am fuaimeadair mac-talla seo a chur air an 'Fram', bàta-chlèibh muasgain-chaola a tha stèidhichte ann an Loch Bhraoin. Bha e air leth feumail airson a bhith a’ comharrachadh dè seòrsa grunnd na mara a bha fodhpa, a chuidicheadh e le bhith a’ co-dhùnadh càite am bu chòir dhaibh na clèibh aca a leigeil. Tha na h-àirdean agus na lagannan air a’ ghraf a’ sealltainn gu bheil grunnd na mara neo-chòmhnard anns na h-uisgeachan timcheall air Rubha na Còigich.

Bhiodh na clèimh air am biathadh le iasg saillte gus na muasgain-chaola a tharraing a-steach dhan chliabh bho na tuill aca air grunnd eabarach na mara. Bha na clèibh an uair sin air an togail, air am falmhachadh agus chaidh an toirt air ais agus am biathadh a-rithist mus rachadh an tilleadh gu grunnd na mara a-rithist.

Roimhe sin, bha iasgach soirbheachail an urra ris a’ bheairteas eòlais a fhuair ginealaichean de dh’iasgairean, aig an robh deagh eòlas air na h-àiteachan as fheàrr airson iasgach aig diofar amannan den bhliadhna. Leig teicneòlas fuaimeadair mac-talla ghabhadh obair a bhith na bu chuimsichte agus na b’ èifeachdaiche ach gu mì-fhortanach mheudaich seo an cunnart gum biodh ro-iasgach ann. An-diugh, tha riaghailtean nam pàirt chudromach de bhith a’ dìon na h-àrainneachd mara againn gus casg a chuir air ro-iasgach agus cunnart gun tèid an cultar mara ro-chudromach againn à bith.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1979
Stuthan: Meatailt, plastaig
Meudachd: 33cm x 30cm x 13cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content