Modail de Thaigh Romàinianach
Taigh-tasgaidh Ulapuil

Chaidh an taigh modail seo a dhèanamh le ball criutha Romàinianach air bàta iasgaich factaraidh.

Thàinig àrdachadh mòr air iasgach an rionnaich sna 1970an agus 1980an ann am puirt-iasgaich na h-Alba. Thàinig tòrr bhàtaichean iasgaich factaraidh ris an canar Klondykers bho aonadh nan Sobhiatach agus fiù ’s bho cho fad air falbh ri Nigeria agus na h-Eileanan Filipineach. Ghiollaich iad an rionnach airson a chur dhachaigh mar thùs bìdh saor. Bhiodh na sgiobaidhean ag obair uairean fada ann an suidheachaidhean mì-thlachdmhor le droch fhàileadh a’ cur seachad grunn mhìosan air falbh bhon dachaigh. Rinn cuid den chriutha airgead a bharrachd le bhith a’ dèanamh agus a’ reic mhodailean mar an taigh seo.

Thàinig Klondyking gu crìch tràth anns na 1990an nuair a chaidh Aonadh nan Soibheatach agus comannachd à bith san Roinn Eòrpa. Thilg na Klondykers mòran den sgudal aca dhan mhuir, a thug droch bhuaidh air àrainneachd na mara againn. Tha sgudal air fhàgail air tràighean agus grunnd na mara san sgìre chun an latha an-diugh.. 

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1985
Stuthan: Fiodh
Meudachd: 46cm x 30cm x 41cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content