Modail de bhàta-iasgaich ’Zulu’
Taigh-tasgaidh Ulapuil

Aig deireadh nan 1800an thàinig meudachadh mòr air iasgach an sgadain ann an Alba. Bha sgadan air a mheas mar bhiadh àrd-inbhe san Roinn Eòrpa agus san Ruis agus bha fèill mhòr air. B’ e Ulapul aon de dh’iomadh port agus baile beag air costa na h-Alba a dh’fhàs fìor thrang tro sheusan iasgaich an t-samhraidh.

Chaidh a’ chiad bhàta-iasgaich Zulu a thogail ann an 1879 agus tha an t-ainm a’ tighinn bho Chogadh nan Zula a bha a’ dol air adhart ann an Afraga a Deas aig an àm. Dh’fhàs Zuluthan gu math mòr-chòrdte ri iasgairean gu luath oir bha iad na bu mhotha, na bu threasa agus na bu luaithe na na seòrsaichean bhàtaichean iasgaich a bh’ ann roimhe. Bha e na b’ fhasa smachd a chumail orra mar thoradh air an dealbhadh agus leis na trì siùil, b’ urrainn dhaibh seòladh na b’ fhaide a-mach gu muir agus tilleadh gu port gu luath.

’S e iasg sailleach a th’ ann an sgadan agus b’ fheudar a thoirt air tìr agus a chur ann am baraillean le salann gu luath gus nach grodadh e.

Aig deireadh nan 1800an bha an gnìomhachas iasgaich a bu mhotha san Roinn Eòrpa ann an Alba agus ann an 1913 bha còrr is deich mìle bàta an sàs ann an gnìomhachas an sgadain an Alba. Chrìonaich gnìomhachas an sgadain mean air mhean às dèidh a’ Chogaidh Mhòr agus chan eil Zulu làn-mheud sam bith air bhog san latha an-diugh.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1890
Stuthan: Fiodh, aodach
Meudachd: 60cm x 40cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content