Proiseactair agus sleamhnagan airson Magic Lantern
Taigh-tasgaidh Leanabachd na Gàidhealtachd

Chaidh am proiseactair magic lantern sònraichte seo a chleachdadh mar thaic foghlaim ann an linn Bhictoria.   

Gus am proiseactair a chur ri chèile, tha an similear, an lionsa, agus a’ phoit choinnle uile air an cur a-steach do phrìomh bhogsa a’ phroiseactair. An toiseach, bhiodh coinneal air a chur dhan phoit choinnle, ach dh’fheumadh a’ bhuaic a bhith air a bearradh chun na meud ceart gus am biodh an lasair soilleir air beulaibh an lionsa. (Bhiodh coinnleanan tealight gu math freagarrach airson seo ach cuimhnich nach robh iad ann fhathast ann an linn Bhictoria!)   

Bhiodh sleamhnagan glainne, le ‘s dòcha ceithir no còig dealbhan beaga orra, a bhiodh an uair sin air an cur air beulaibh an lionsa agus bhiodh na dealbhan air am pròiseactadh air balla gus am faiceadh a h-uile duine iad. Uaireannan bhiodh an tidsear a’ bruidhinn air na dealbhan, ag innse sgeulachd, no a’ cluich ceòl fhad ‘s a bhiodh iad a’ gluasad nan sleamhnagan gus an t-sreath dhealbhan a shealltainn. Tha cuspair nan sleamhnagan stèidhichte air diofar chuspairean foghlaim, a’ gabhail a-steach cruinn-eòlas, cur-seachadan, agus uirsgeulan. 

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1880
Stuthan: Meatailt
Meudachd: 40cm x 20cm x 20cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content