Dùdag Walter Ritchie
Taigh-tasgaidh nan Gàidheal

Tha dùdagan nan ionnsramaidean ciùil pràis sìmplidh. Eu-coltach ri ionnstramaidean pràis eile, chan eil bhalbhaichean ann oir is urrainn dhan bhiùgalair smachd a chumail air an àirde leis a’ bheul. Anns an arm, bhiodh e gu traidiseanta a’ comharrachadh diofar phàirtean den latha agus de chleachdaidhean làitheil agus chaidh a chleachdadh gus òrdughan a thoirt a-mach ann am blàr. Chaidh a chleachdadh nas lugha nuair a chaidh dòighean conaltraidh blàr eile a chruthachadh.  

Tha seo na dhùdag sònraichte a chaidh a chleachdadh sa chogadh mhòr leis an Drumair Walter Ritchie anns an 2na Buidheann-catha de na Sìophortaich. Aig Blàr mì-chliùiteach an Somme, bhiodh e a’ gairm na h-ionnsaigh air a dhùdach fhad ’s a bha e fo ionnsaighean bho bhomaichean is gunnaichean-inneil. Le bhith a’ dèanamh seo, bhrosnaich e a’ bhuidheann-catha aige gus cumail a’ dol. Airson na rinn e, fhuair e am bonn as àirde airson gaisge ris an canar Crois Bhictòria.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1916
Stuthan: Meatailt
Meudachd: 34cm x 13cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content