Figear de nighean an fhearainn
Taigh-tasgaidh Inbhir Narann

Chaidh figearan de nighean an fhearainn a rinn Coalport mar an tè seo a chruthachadh gus aithne a thoirt dhan àite chudromach a bha aig nigheanan an fhearainn san Dàrna Cogaidh. Tha e na phàirt de shreath fhigearan ris an canar ’For King and Country’, a’ gabhail a-steach saighdear, seòladair agus fear-adhair.

’S e nighnean an fhearainn’ an t-ainm a thugadh air na boireannaich a bha ag obair air tuathanasan agus ann an àiteachas gus dèanamh cinnteach gum biodh biadh gu leòr aig an dùthaich. Bha iomadh dleastanas orra, nam measg a bhith a’ treabhadh achaidhean, a’ cur bàrr agus a’ coimhead às dèidh stoc.

Cha deach ach 1500 dhiubh a dhèanamh agus tha iad gan cruinneachadh a-nis le daoine aig a bheil ùidh ann an cuimhneachain agus eachdraidh an Dàrna Cogaidh.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1945-1950
Stuthan: Obair-chrèadha
Meudachd: 20cm x 8cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content