Dealbh den Chabhlach an an Linn Chrombaigh
Taigh-cùirte Chrombaigh

Tha an dealbh geal is dubh seo bho 1911 a’ cur nar cuimhne gun robh Caolas Chrombaigh na stèidh fìor chudromach dhan Chabhlach Rìoghail anns a’ chiad leth den fhidheadamh linn. Bha dlùth cheangal aig Cromba ris a’ Chabhlach aig an àm seo. Chaidh an dealbh seo a dhèanamh na chairt-phuist, a’ sealltainn gur dòcha gur e àm cudromach a bh’ ann dhan choimhearsnachd.

San dealbh seo, chithear fàilte gunna rìoghail ga losgadh aig Cala Chrombaigh. Is e an soitheach beag ri toiseach na deilbhe an Enchantress, Iacht Ùghdarras a’ Chabhlaich, agus tha fios againn gun robh Winston Churchill air bòrd.

B’ e Ciad Mhorair Ùghdarras a’ Chabhlaich a bh’ ann an Churchill bhon Dàmhair 1911 chun a’ Chèitein, 1915. Is iad an dà bhata san dealbh HMS Natal agus HMS Achilles.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1911
Stuthan: Pàipear Dealbhan-camara
Meudachd: 15cm x 10cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content